Halò a h-uile duine!

Halò, is mise Andrei agus tha mi a' fuireach ann an Ruis. Seo a' chiad phost gun bhlog Ghàidhlig seo agam. Bha ùidh bheag orm blogaichean a sgrìobhadh, ach tha mi air tuigsinn gum feumaidh e mo chuideachadh cànan, 's e sin Gàidhlig a dh'ionnsachadh.

An toiseach, tha mi a' dol a dh' innse dhuibh carson tha mi Gàidhlig ag ionnsachadh. Tha mi nam chainntear agus tha mi cànan Lochlannach a' rannsachadh, gu h-àraidh Tìleach is Faronach. Co-dhiù, is Lochlannach am facal "rannsachadh, rannsaich" <- tìl. rannsaka. Dh'iarr mi fada cuid de cànan Ceilteach a dh'ionnsachadh. Bha mi ann an Innis Tìle, Reykjavík dà bhliadhna air ais agus chaidh mi gu bùth-leabhraichean. 'S e mòran leabhraichean-làimhe a b' ann, eatarra cànain Cheilteach, Gaeilge, Gàidhlig agus Cuimreach. Roghnaich mi Gàidhlig na h-Alba, cha chuimhne agam air an adhbhar thuige, is dòcha oir tha Gàidhlig as faisge air na cànain Lochlannach dè cànan Celteach. Seo Coll. Scott. Gaelic by Spadaro-Graham a b'ann. Thòisich mi Gàidhlig ag ionnsachadh, ach bha e cho duilich, ro dhuilich dhomh. Stad mi ga h-ionnsachadh, ach thòisich e às ùr am bliadhna seo, o chionn leth bliadhna. An turas seo chaidh e na bu furasta, bha mi a' cur gu feum TAIC-leasain cuideachd. 'S toil leam Gàidhlig a dh'ionnsachadh agus tha mi an dòchas gur urrainn dhomh a bruidhinn nas fheàrr a dh'aithghearr.

Freagairtean:7

thuirt Blogger Flùr...

Halò Andrei agus fàilte!
Tha e math a'bhlog agad a leughadh! Tha blogaichean glè chuideachail airson cànanan ionnsachadh, mar sin tha mi cinnteach gum fàs do chuid Gàidhlig nas fheàrr gu math luath a-nis! :-)
Roghnaich sibh Gàidhlig na h-Alba - agus tha mi a' smaointinn gur e roghainn ceart a th' ann, oir, 's e Gàidhlig an cànan as inntinniche agus as bòidhche de na cànanan Ceilteach eile, nam bheachdsa co-dhiù. :-)

October 17, 2006 8:54 PM  
thuirt Blogger Graisg...

Halò Andrei, Thachair mi air do bhlog agus tha mi uabhasach fhèin toilichte a bhith ga leughadh. 'S de deagh phìos a sgrìobh thu.
Carson nach cuir do bhlog a-steach Tìr nam Blòg agus an uair sin bidh fios aig a h-uile duine gu bheil thusa nar measg? Tha duileag sònraichte airson sin a dhèanamh.
'Cuir a-steach am blog agad' aig
http://www.tirnamblog.com/?page_id=3

November 12, 2006 11:56 PM  
thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

halò andrei,

gach deagh dhùrachd, agus gura math a thèid leat leis a` bhlog agad. THa mi a` dèanamh fiughar sùil a thoirt air do naidheachd a h-uile ceann tacain.

November 17, 2006 11:13 AM  
thuirt Blogger Uppundir...

Tapadh leibh, a h-uile duine! A Ghraisg, chuir mi an seòladh a’ bhluig agam gu Tìr nam blog gu deireannach. Tha mi an dochas gum bi còmhradhaidhean inntinneach leinn an seo.

November 19, 2006 1:07 PM  
thuirt Blogger Cadalach...

Fàilte gu TnamB :-)

November 19, 2006 3:08 PM  
thuirt Blogger mona...

Hallo...! :)
Cha do thachair mi ris a' bhlog agad gus an-diugh, ach tha sin inntinneach gu dearbh! Tha mise a' fuireach anns a' Ghearmailt, agus tha mi ag ionnsachadh beagan Innis Tilis cuideachd (aig an oilthigh)... ach tha mo chuid Ghàidhlig nas fheàrr ;)
Gach beannachd,
Mona

January 01, 2007 12:25 AM  
thuirt Blogger Uppundir...

Fàilte a Mhona, tha sin inntinneach a chluintinn gu bheil sinn cànanan ionann ag ionnsachadh :) 'S e blog Innis Tìleach a tha agam cuideachd, tha mi a' dol tuilleadh a' sgrìobhadh an sin a dh'aithghearr:

http://uppundir-is.blogspot.com/

January 03, 2007 1:20 PM  

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh