Toirt suas no leantainn?

Seo a' chiad phost agam o chionn fada. Theab mi toirt suas na Gàidhlig, ach tha mi air ais gus a h-ionnsachadh a-rithist. Tha mi air toiseachadh ri lorg obair ùr agus tha mi an dòchas gum bi e an dara cuid aig companaidh-compiutair no -turasachd. Ri taobh Gàidhlig tha mi air toiseachadh às ùr ri cleachdach yoga a rinn mi deich bliadhna air ais! Tha cuid de dh'asanaichean na yoga glè dhuilich, ach chan eil eagal orm, tha mi a' faireachdainn glè mhath dhiubh agus chan eil mi ag iarraidh a thoirt suas mar deich bliadhna air ais. Tha mi a' leantainn ri cleachdadh yoga, ionnsachadh Gàidhlig agus sgrìobhadh gu mo bhlòg beag!

Freagairtean:2

thuirt Blogger Flùr...

Fàilte air ais Andrei :)
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sgrìobhadh a' bhloig glè chuideachail airson Gàidhlig ionnsachadh. Ach tha mi-fhèin air am blog a thoirt suas. Tha mi a' smaoineachadh nach eil sgrìobhadh a' bhloig freagarrach dhomh, no 's dòcha gu bheil mi dìreach sgìth... :(

June 28, 2007 11:48 AM  
thuirt Blogger Uppundir...

Tha mi gad thuigsinn, a Fhlùir, cha robh mi-fhìn a' sgrìobhadh gu math anns a' bhlog agam airson glè fhada. Ach tha mi a' smaoinneachadh gu bheil ann rudeigin a sgrìobhadh mu dheidhinn daonnan, dìreach feumaidh an ùidh air a bhith aig duine ;)

July 01, 2007 2:07 PM  

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh