Taighean, craobhan is ocsaidean

Tha mòran taighean anns an sgìre far a bheil mi a' fuireach gan sgriosadh agus tha taighean ùra agus glè àrd gan togail. Tha dòchas againn gum faigh fir-àiteachaidh nan taighean seo flait anns na taighean ùra a tha gan togail agus tha a h-uile duine ag iarraidh anns an aon sgìre a dh'fhuireach. Tha dùil againne gum bi an taigh agamsa air sgriosadh ann an 2010 agus tha mi'n dòchas gur urrainn dhomh fhaighinn flat anns an sgìre againn.

Ach 's e dùbhlan eile a th'ann. Airson an togaladh tha na fir-togail a tha ag obair an seo a' gèarradh mòran craobhan a tha suidhichte anns an sgìre againn agus chan eil sinn cinnteach gun suidhich iadsan craobhan èile nuair a bhios an togalach seachad. Tha sinne beagan fo chùram air oir tha an sgìre daonnan air a bhith "uaine" le mòran craobhan agus adhar fionnar bho a tha sinn a' faiginn tlachd. Nuair a bhios na taighean ùra deiseil 's'ann fada barrachd daoine a bhios a' fuireach an seo, bithidh iad barrachd ocsaidean a' caitheamh agus barrachd caraichean a' draibheadh. Agus 's e na craobhan a tha a' toirt dhuinn ocsaidean... Ach tha mi'n dòchas gum bithidh tuilleadh adhar fionnar againn agus aig daoine uile a tha a' dol a' fuireach an seo.

Labels: